Applecross Croft • Croit na Comraich
Applecross Croft sits in Toscaig township on the beautiful Applecross peninsula in Scotland’s north-west Highlands. Still in the very early stages of developing the croft, this website will reflect our progress (and setbacks!) as we strive to build on crofting traditions by adding our own passions and experience.
The croft’s different sections, less than two acres in total, sit on what was likely a former river bed and on areas of old beach so the soil varies greatly in depth, fertility and composition. Our goal is to improve the land as we try to grow fruit, vegetables, herbs and flowers using organic principles.
The Crofters
Applecross Croft is worked by Gordon and Valerie.
Gordon is from Applecross, and his family tree has roots in the area which go back many generations. He returned to Applecross with Valerie after university and a series of jobs on the Isle of Skye. Gordon began his career as a genealogist, followed by working at Scotland’s Gaelic college, Sabhal Mòr Ostaig, while pursuing cycling journalism in his spare time. He is currently working as a Gaelic language researcher.
Valerie is a graphic designer and photographer with a background in broadcast media which included creating CGI animations and television graphics for TV channels.
Applecross Croft • Croit na Comraich
Tha Croit na Comraich ann an Toghsgaig, baile beag ann an ceann a deas na Comraich, air taobh an iar-thuath na h-Alba. Ged a tha leasachadh a’ chruit aig ìre thràth fhathast, bi an làrach-lìn seo a’ toirt dealbh dhut air na nì sinn de dh’adhartas (cho math ri gach rud a bhios gar cumail air ais!) is sinne a’ feuchainn ri miann is eòlas againn fhèin a chur ri croitearachd.
Tha an croit ann an trì pìosan eadar-dhealaichte, nas lugha na dà acair fhearainn, a tha nan làighe air grunnd-aibhne no ma dh’fhaoidte seann tràigh no cladach. Mar sin, tha doimhneachd na talmhainn gu math diofraichte an-siud is an-seo, rud a tha bualadh air cho torrach is a tha e. Tha e mar amas againn an talamh a thoirt air adhart fhad ”s a tha sinn ag obair is sinn a’ cur lusan, measan, flùraichean is luibhean gun ceimigeachd sam bith a chleachdadh ach na ghabhas a chur gu nàdarra.
Sinne
Is iad Gòrdan agus Valerie a tha ag obair air Croit na Comraich.
‘S ann às a’ Chomraich a tha Gòrdan bho thùs, is a theaghlach air a bhith an-seo iomadh ginealach. Thill e dhan sgìre còmhla ri Valerie às dèidh dha ceumnachadh bho Oilthigh Obar Dheathain, is grunn bhliadhnaichean a chur seachad ag obair air an Eilean Sgitheanach. Bha e ri sloinntearachd an toiseach, is an uair sin bha e aig Sabhal Mòr Ostaig far a bheil e fhathast air fhasdadh. Mar chur seachad bidh e na neach-naidheachd rothaireachd.
Tha Valerie na dealbhadair is na neach-togail-deilbh, is ise air obair mhòr a dhèanamh anns na meadhanan, a’ cruthachadh dealbhan beò is grafaigean airson telebhisein.